NàdarAlba
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
ʼS e buidheann Riaghaltais leathach neo-eisimeileach a tha ann an NàdarAlba no Buidheann Nàdair na h-Alba (Beurla: NatureScot; seann ainm Gàidhlig: Dualchas Nàdair na h-Alba). ʼS e dìleab nàdarra na dùthcha an cùram a thʼ aige. Tha e aʼ toirt comhairle do Riaghaltas na h-Alba, agus ag obair mar ghnìomhaiche an Riaghaltais ann a bhith aʼ cur air dòigh pàircean nàiseanta agus sgìrean gléidhteachais.
Tha oifisean aige ann an iomadh cheàrnaidh de tìr-mór na h-Albann agus cuideachd a-muigh sna h-eileannan. Ann an 2003/2004 chaidh aʼ phrìomh-oifis aca a ghluasad bho Dhùn Éideann gu Inbhir Nis.
Tha tòrr fiosrachaidh sa Ghàidhlig air an làraich-lìn aig Buidheann Nàdair na h-Alba, agus tòrr leabharannan agus postairean sa Ghàidhlig.
Remove ads
Ceanglaichean a-mach
- NàdarAlba - làrach-lìn
- Faclan Nàdair – faclair Gàidhlig
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads