Na h-Eileanan Balèarach

From Wikipedia, the free encyclopedia

Na h-Eileanan Balèarach
Remove ads

'S e buidheann de dh' eileanan a tha anns na h-Eileanan Balèarach[1], na h-Eileanan Balèaric[1] na h-Eileanan Balearic[2], neo Na h-Eileanan Bailearach (Catalanais: Illes Balears, IPA: iʎəz bələˈas, Spàinntis: Islas Baleares). Tha iad suidhichte mu cheud cilemeatair bho chladach na Spàinne anns a' Mhuir Mheadhanaich. Tha iad a' gabhail a-steach mu cheud 's gu leth eilean gu lèir. Tha iad sgapte thar 5,014 cilemeatair ceàrnagach, eadar 40° 05' 17" agus 38° 40' 27" tuath agus 1° 17' 23" an ear. Tha ceithir eileanan mòra ann: Mallorca (Mallorca sa Catalanais), Menorca (Menorca), Ibiza (Eivissa), agus Formentera. A-rèir cùnntas shluagh anns a' bhliadhna 2006 bha 1,001,062 duine a' fuireach anns na h-eileanan gu lèir. Tha 1,239 km a dh'fhaid ann an oirthir na h-eileanan le pailteas tràighean freagarrach airson snàmh. Tha spòrsan mara agus bàtaichean air màl ann cuideachd. Mar sin tha roinn na turasachd gu math làidir anns na h-Eileanan Balèarach. Anns a' bhliadhna 2007 bha 13,27 millean neach turas a' tadhail orra, gu h-àraidh luchd turais às a' Ghearmailt (29,4 % neo 3,9 millean[3]). Tha ceàird ann mar obair-gloinne, fuaigheal, àirneis, neamhnaidean-brèige, bèin, caisbheart, seudan, iarann toinnte agus nithean fiodh. 'S e iasg agus maorach nam biadh traidiseanta, tha annlann shònraichte ann air feòil chaorach agus muice. Tha isbeanan ionadail ann ris an canar sobrasada agus longanzia. Tha na h-Eileanan Balèarach nan ceàrn na Spàinne agus 's e Palma de Mallorca prìomh-bhaile nan Eileanan Balèarach. Tha da chànan oifigeil ann: Spàinntis agus Catalanais. Tha Oilthigh nan Eileanan Balèaric ann am Palma de Mallorca. Tha ochd puirt gnìomhachas ann agus nas motha na 40 port airson spòrs. Tha trì puirt adhair ann: Palma de Mallorca, Máhon agus Ibiza. Tha i na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh.

Illes Balears
Thumb Thumb
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Thumb
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Palma de Mallorca
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 4,992 km²
Àireamh-shluaigh 1,106,049 (2014)
Dlùths 221.56/km²
Àireamh fòn + (971)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne
Thumb
Majorca, Minorca, Ibiza is Formentera
Thumb
Port-mara ann am Menorca
Thumb
Boireannaich a' dèanamh Sobrasadas
Remove ads

Na sgìrean as motha

Seo liosta de na sgìrean as motha a tha anns na h-Eileanan Balèarach:

More information Sgìre, Ainm Spàinnteach ...
Remove ads

Ceanglaichean a-muigh

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads