Odón de Buen y del Cos
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e eòlaiche-nàdair, cuan-eòlaiche, lus-eòlaiche agus fear-poileataigs às An Spàinn a bh'ann an Odón de Buen y del Cos (Zuera, 18 an t-Samhain 1863 - Meagsago, 3 an Cèitean 1945).[1]
Remove ads
Beatha agus Obair
Rugadh agus thogadh e ann an Zuera, baile beag leth shligheach eadar Huesca agus Zaragoza. Mac Mariano de Buen Ropín (tàillear) agus Petra del Cos Corroza, ghluais an teaghlach a Zaragoza fhèin airson cothrom a thoirt dha a dhol dhan àrd-sgoil. Thus e oide dhan na sgoilearan eile fhad 's a bha e san sgoil. Thug e ceum ann an ceimigeachd aig Oilthigh Mhadrid ann an 1884 le taic-airgid a thug Comhairle Zuera dha. Rinn e dotaireachd an sin ann an nàdarrachas ann an 1887.[2]
Ann an 1885 fhuair e fiathachadh a dhol air turas-mara gu Lochlann air bhòrd an fhrigead Blanca. Dhùisg an turas a bha seo uidh air a' mhuir aige. Nuair a thill e lorg e obair agus le sin bho bha e na thidsear ainmh-eòlas agus luibh-eòlas aig Oilthigh Bharcelona 1889 gu ruige 1911. Fhuair e droch chàineadh às an Eaglais Chaitligeach leis gu robh e airson na beachdan aig Charles Darwin mu mhean-fhàs agus o chionn 's gu robh e airson poblachd anns An Spàinn.[3] Stèidhich e Institiùd Cuan-eòlas na Spàinne (Spàinntis: Instituto de Oceanografía Española) ann an 1914.[4]
Bha e air taobh na Poblachd agus air sàilleabh sin b' fheudar dha an dùthaich aige fhàgail ann dèidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne. Chaochail e na fhògarrach thall ann am Meagsago, far a bheil a chuid oghaichean fhathast ann.[5] Bha a mhac, Sadí de Buen Lozano (1893 - 1936), na eòlaiche-parasaite a rannsaich mailèiria. Chaidh a chur gu bàs tron chogadh leis na Faisistich.[6]
Remove ads
Na Sgrìobh e
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads