Pàpa Leo XI
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e Pàpa Eadailteach agus riochdaire dioplòmasach a bha ann am Pàpa Leo XI (Laideann: Pàpa Leo P.P. XI, Firenze, 2 an t-Ògmhios 1535–Cathair na Bhatacain, 27 an Giblean 1605. Rugadh e ann am Florence is b' e Alessandro Ottaviano de' Medici an t-ainm a bh' air bho thùs.. B' e nighean Lucrezia Borgia is Giacomo Salviati a bha ann a mhàthair, Francesca Salviati. Chuir an t-Àrd-diùc à Tuscany e mar thosgair do Pius V mus deach e na shagart is an sin na Easbaig Pistoia ann an 1573, na Àrd-easbaig Florence ann an 1574 is na chàirdineal.
Chaidh a thaghadh air an 1 an Giblean 1605 mar phàpa an dèidh bàs Pàpa Clemens VIII. 'S e an 232mh fear a bh'ann.[1] Bhuineadh e do theaghlach beairteach uachdaranach à Firenze, air an robh Medici.[2] ’S e nighean Lucrezia Medici fhèin a bh’ ann a mhàthair agus bha bràthair-màthar na phàp cuideachd (Leo X). Cha do mhair e ach 27 latha mus do bhàsaich e nuair a bha e 69 bliadhna a dh’aois.[2]
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads