Pàpa Pius VI
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e Pàpa Eadailteach a bha ann am Pàpa Pius VI (Laideann PIUS P.P. VI,[1] Cesena,[2] 25 an Dùbhlachd 1717 - Valence, 29 an Lùnasdal 1799). B' e An t-Iarla Angelo Onofrio Melchiorre Natale Giovanni Antonio Braschi an t-ainm a bh' air bho thùs. Chaidh a thaghadh air an 15 an Gearran 1775 mar phàpa an dèidh bàs Pàpa Clemens XIV. 'S e an 250mh fear a bh'ann.[3] Bhuineadh e do theaghlach Uachdaranach ach gu math bochd às An Eadailt: ‘S e Iarla a bh’ ann athair (Eadailtis: Conte) agus Ban-iarla (Eadailtis: Contessa) a bh’ ann a mhàthair. A bharrachd air sin, ‘s e càirdineal a bh’ann bràthair-màthar, Giovanni Carlo Bandi, a thug taic mhòr dhàsan.

Chaochail e thall thairis ri linn Ar-a-mach na Frainge agus Poblachd na Ròimhe, far an robh e na phrìosanach.[4] Bha e na phàp fad 24 bliadhna, an ceathramh Pàpachd na b' fhaide a bh’ ann a-riamh, an dèidh Leo XIII, Iain Pòl II agus Pius IX.[5] Rugadh e ann an Stàitean na h-Eaglaise.[6]
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads