Pàrtaidh Comunnach Romàinia

From Wikipedia, the free encyclopedia

Pàrtaidh Comunnach Romàinia
Remove ads

B' e partaidh poileatagach à Romàinia a bha a' gabhail ri Co-mhaoineas agus Stalineachd a bh' ann am Partidul Comunist Român (IPA: parˈtidul kɔmunˈist rɔˈmɨn, giorrachadh: PCR, Gàidhlig: Pàrtaidh Comunnach Romàinia).[1] Chaidh am PCR a stèidheachadh tron sgarradh on Phartidul Social Democrat Român (Gàidhlig: Pàrtaidh Comunnach Romàinia) ann am Bucharest ann an 1921. Cha do ghabh am PCR pàirt ann an taghadh no taghadh eadar na cogaidhean leis gu robh e fo thoirmeasg bho 1924 gu ruige deireadh an Dàrna Cogaidh.[2] Ghabh am Pàrtaidh os làimh Riaghaltas na dùthcha, le taic on Aonadh Sobhiatach, ann an 1944 agus chumadh e Ròmainia fo smachd, agus gu math dlùth air Stalin, gu ruige Ar-a-mach na Nollaig 1989.[3] B' i Ana Pauker (Hana Rabinsohn) a bh' anns a' chiad cheannard comunnach na dùthcha ach chaill i a dreuchd ann an cur-fodha an aghaidh Iùdhaich sa Phàrtaidh, ann an 1952. Fhuair Gheorghe Gheorghiu-Dej ceannas na dùthcha gus a chaochail e le aillse ann an 1965. Chuireadh Nicolae Ceauşescu na àite, ach chaidh esan a chur gu bàs ann an Târgoviște ann an 1989. B' e Uniunea Tineretului Comunist (Gàidhlig: Aonadh nan Comannach Òga) a bh' ann a bhuidheann òigridh agus b' e Scînteia (Gàidhlig: An Sradag) a bh' ann pàipear-naidheachd a' pàirtidh.[4]

Partidul Comunist Român
Pàrtaidh Comunnach Romàinia
Thumb
Fiosrachadh
Stèidheachadh 8 an Cèitean 1921 gu 22 an Dùbhlachd 1989
Luchd-stèidheachaidh Gheorghe Cristescu, Vitali Holostenco, Elek Köblös, Boris Stefanov
Àite-Stèidheachaidh Bucharest
Beachd-smuainealas Eachdraidheil Co-mhaoineas agus Stalineachd
Cathraiche Ana Pauker, Gheorghe Gheorghiu-Dej agus Nicolae Ceauşescu
Riaghaltas 1944 - 1989
Remove ads

Buill a' Phàirtidh

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads