Ramsaigh MacDhòmhnaill

From Wikipedia, the free encyclopedia

Ramsaigh MacDhòmhnaill
Remove ads

B' e Prìomh-mhinistear na Rìoghachd Aonaichte agus riochdaire dioplòmasach a bh' ann an Seumas Ramsaigh MacDhòmhnaill neo James Ramsay MacDonald, FRS, (12 an Dàmhair 18669 an t-Samhain 1937).

Quick facts ball de Chomhairle Siorrachd Lunnainn, Ball de 28mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte ...

Rugadh e ann an Inbhir Losaidh, Siorrachd Mhoireibh agus dh'imrich e gu Bristol nuair a bha e 18 bliadhna a dh'aois is e ag obair mar chuidiche bhiocair is chaidh e sa' Chaidreachas Deamocratach Shòisealta. Sheas e mar thagraiche pàrlamaideach ann an 1895 is chaidh a thaghadh airson Leicester ann an 1906. Chaill e an seat aige ann an 1918 ach thill e gu pàrlamaid airson Aberavon is chaidh e na cheannard a' Phàrtaidh Làbarach. Dh'iarr an Rìgh air a bhith am Prìomhaire ann an 1924 ach cha do mhair an riaghaltas agus chaill e an taghadh coitcheann. Thill e gu Sràid Downing ann an 1928 agus chruthaich e riaghaltas co-bhoinn neo riaghaltas nàiseanta. Cha do chòrd seo ris a' phàrtaidh is leig e a dhreuchd suas ann an 1935.[1]

Ged nach do dh'obraich e mar neach-saidheans, chaidh e na bhall dhen Comann Rìoghail ann an 1930 fo riaghailt shònraichte. Chaidh a thaghadh mar bhall pàrlamaid airson Oilthighean na h-Alba ann an 1936. Ghabh e òraid mu dheireadh aig an Institiud Rìoghail ann an Lunnainn air "Saidheans agus a' Choimhearsnachd". Chaochail e air saor-làithean air bàta a bha a' dol gu Ameireaga a Deas.[2]

Remove ads

Sgrìobhaidhean

  • Ramsay MacDonald, J. 1927. 'Message from The Right Hon. J. Ramsay MacDonald M.P.', ann an Guthan o na Beanntaibh / Voices from the Hills deas. le John MacDonald (Glaschu: An Comunn Gàidhealach), d. 8.

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads