Rutherfordium

From Wikipedia, the free encyclopedia

Rutherfordium
Remove ads

'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an rutherfordium le samhla Rf agus àireamh atamach 104.

Quick facts Clàr pillteach, Buadhan ...

'S e meatailt trastach glè rèidio-bheò agus fuadain a tha ann. Tha an cor ogsaidicheadh IV cudromach sa' cheimigeachd de rutherfordium, mar eisimpleir sna co-thàthaidhean rutherfordium clòraid (RfCl4), rutherfordium fluaraid (RfF4) agus rutherfordium ogsaiclòraid (RfOCl2).

Rinneadh caractarachd ri 15 iosatòpaichean de rutherfordium. Tha 263Rf, le leth-bheatha 11 mionaidean, as seasmhaiche.

Remove ads

Eachdraidh

'S dòcha gun do rinn an sgioba aig an Co-institiud airson Rannsachadh Niùclasach rutherfordium ann an 1964 nuair a bhuail iad plutonium-242 le aidheonan neon-22. Mhol iad an t-ainm kurchatovium, air Igor V. Kurchatov, fiosaigiche às an Ruis. Ann an 1969 rinn an sgioba aig an Oilthigh Bherkeley ataman rutherfordium-257 nuair a bhuail iad calafòrnium-249 le aidheonan carbon-12. Dh'ainmich an sgioba Ameireaganach e air Ernest Rutherford, fiosaigiche a thionnsgail à Sealainn Nuadh, agus ann an 1997 dh'aontaich e seo len sgioba Ruiseanach.[2]

Remove ads

Cleachdadh

Tha rutherfordium glè thearc agus chan eil cleachdaidhean ann.

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads