Süleyman I

From Wikipedia, the free encyclopedia

Süleyman I
Remove ads

B' e deicheamh Sultan Impireachd nan Otomanach a bh' ann an Süleyman I (far-ainm: Kanunî - 'a thug na laghan dhuinn', Muḥteşem - 'mìorbhaileach', Trabzon 6 an t-Samhain 1494Zigetvar 6 an t-Sultain 1566).[1] B' e a' chiad mhac Selim I agus Hafsa Sultan a bh' ann. Bha e os cionn na dùthcha bho 1520 gus a chaochail e ann an 1566, mòran na b' fhaide na bha sultan no sultan eile sa dhreuchd a-riamh. Chuireadh gu Istanbul e ann an 1501, far an d'fhuair e a chuid fhoghlaim ann an saidheans, eachdraidh, Litreachas, diadhaireachd agus innleachdan cogaidh. B' e ar-a-mach ann am Baghdad a chuir sis a bh' anns a' chiad rud a rinn e. An Uair sin chuir e seachad bliadhnaichean a' toirt ionnsaigh air dùthchannan eile. Aig a' cheann thall chuir e Libia, An Ungair agus Moldàibhia ri na bha de cholonaidhean aig na Otomanaich mar-thà. Chaochail e ann an 1566 nuair a bha e 71 bliadhna a dh'aois is an t-arm aige a' cuartachadh Vienna. A bharrachd air sin, leasaich agus dh’ùraich e laghan na h-Impireachd cuideachd.

Quick facts 10. sultan Impireachd nan Otomanach, Beatha ...
Remove ads

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads