Sveinn Björnsson

From Wikipedia, the free encyclopedia

Sveinn Björnsson
Remove ads

B' e neach-lagha, neach-malairt agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Sveinn Björnsson (ˈsveitn̥ ˈpjœsːɔn).[1] Rugadh e air 27 an Gearran 1881 ann an Copenhagen. Bha athair, Björn Jónsson na Ráðherra Íslands (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 1909 gu ruige 1911 às leth Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd). Fhuair Björnsson a chuid foghlaim sgoile aig Menntaskólinn í Reykjavík agus an uair sin thug e ceum ann an lagh bho Oilthigh Copenhagen. Phòs e aig Georgia Hansen ann an 1908 agus fhuair iad sianar chloinne còmhla.[2] A thaobh mhalairt, stèidhich e trì companaidhean: Eimskipafélag Íslands hf (luingeanachd),[3] Brunabótafélag Íslands (Airgead-urrais) agus Sjóvátryggingafélag Íslands (Airgead-urrais). B' e esan cuideachd a bha a-measg an fheadhainn a chuir air dòigh A' Chrois Dhearg Innise Tìle ann an 1924.[4] Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1914. B' e a' chiad cheann-suidhe na dùthcha a bh' ann am Björnsson, nuair a ghabh Innis Tìle leis a' Phoblachd ann an 1944. Lean e air san dreuchd gu ruige a bhàis. Chaochail Björnsson ann an Reykjavík air 25 am Faoilleach 1952.[5]

Quick Facts Ball an Alþingi, 1. Ceann-suidhe Innis Tìle ...
Remove ads

Prìomh-mhinistearan fo Bhjörnsson

Bha Björnsson na cheann-suidhe fad ochd biadhna agus bha sianar prìomh-mhinistear, a riochdachadh trì pàrtaidhean fodha fad 's a bha e san dreuchd, mar a leanas:

Ro-theachdair:
Dreuchd Ùr
(1944)
Forseti Íslands
Neach-ionlaid:
Ásgeir Ásgeirsson
(1952)

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads