Teàrlach I
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
Ged a rugadh e ann an Alba, chaidh Teàrlach Stiùbhart a thoirt gu deas na naoidhean ann an 1603, nuair a shealbhaich athair, Seumas VI Alba, crùn Shasainn ann an Aonadh nan Crùintean.
Bha e na ghille beag lapach, agus cha robh mòran a' cur suim ann an coimeas ri a bhràthair a bu shine, am Prionnsa Eanraig - oighre Rìgh Sheumais. Ach nuair a chaochail am Prionnsa Eanraig is gun e ach òg (1612), fhuair Teàrlach e fhèin aig teas-meadhain a' ghnothaich mar oighre nan trì duthchannan - Sasainn, Alba is Èirinn.
Dh'fhàs e suas bhon uair sin a' làn-chreidsinn gun tugadh còraichean-riaghlaidh dha le Dia. Mar dhuine bha e caran fad às na dhòigh, agus gu pearsanta bhiodh e a-riamh a' taobhadh ris an eaglais pàpanach. Dh'fhàg siud mòran dhuilgheadasan na rathad, agus chaidh e fhèin agus a phàrlamaidean a-mach air a-chèile - Pàrlamaid Alba an toiseach, an uair sin Pàrlamaid Shasainn. Lean siud gu Cogaidhean nan trì Rìoghachdan, agus Cogadh Sìobhalta Shasainn far an robh a' bhuaidh aig Co-fhlaitheas Shasainn aig a' cheann thall. Chaidh Teàrlach a thoirt am bruid na phrìosanach, agus chaidh a chur gu bàs ann an 1647 fo òrdugh Oliver Cromwell às leth Co-fhlaitheas Shasainn.

Remove ads
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads