Teàrlach Wilson
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e cànanaiche agus neach-iomairt na Gàidhlig a th' anns an Dotair Charles Wilson (rugadh 19mh Cèitean 1984) a tha aithnichte air ainm Gàidhlig Teàrlach Wilson no Teàrlach MacUilleim. 'S e leth-chuid Chuimreach agus leth-chuid Albannach a th' ann an Wilson, a ghluais a Steòrnabhagh, Leòdhas ann an 2021. Às dèidh dha crìoch a chur air dotaireachd, stèidhich Wilson An Taigh Cèilidh[1]. Tha Beurla, Cuimris, Gàidhlig, Eadailtis, agus Pòlainnis aige.[2]

Remove ads
Beatha
Rugadh Wilson ann an Abertawe (A' Chuimrigh; Beurla: Swansea) do mhàthair Chuimreach agus athair Albannach. Thogadh e ann am Pàislig (Alba) agus ann an Abertawe. Eadar aoisean 18 agus 32, dh'fhuirich Wilson ann an Sasainn, anns A' Chuimrigh, anns An Eadailt, agus anns A' Phòlainn.[3]
Ann an 2016, dh'imrich Wilson a Dhùn Èideann gus dotaireachd a dhèanamh air dual-chainntean na Gàidhlig. Ri linn glasadh-sluaigh ChOVID-19, dh'imrich Wilson a Steòrnabhagh. Ann an 2021, chuir e crìoch air an dotaireachd aige[4] aig an aon àm fhad 's a bha e ag obair còmhla ri Magaidh Nic a' Ghobhainn (bhon Acha Mhòr, Leòdhas) gus An Taigh Cèilidh a chur air chois.[5]
Remove ads
An Taigh Cèilidh
'S e carthannas, ionad cultarail agus cafaidh coimhearsnachd a th' anns An Taigh Cèilidh. 'S ann a bhith a togail na Gàidhlig anns a' choimhearsnachd an t-amas aig a' charthannas. Anns an Dùbhlachd 2022, dh'fhosgail An Taigh Cèilidh air Sràid na h-Eaglaise ann an Steòrnabhagh.[6] Aig an aon àm, bha Wilson ag obair air Scrabble Gàidhlig, a thàinig chun mhargaid ann an 2023.[7] Bha am pròiseact rud beag connspaideach an toiseach,[8] ach tha e air a bhith gu math soirbheachail bhon uair sin, agus, anns a' Ghiblean 2025, dh'fhosgail Wilson agus Nic a' Ghobhainn an dàrna ìre dhen phròiseact air a bheil An Taigh Coinneimh.[9] 'S e An Taigh Coinneimh àite thachartasan An Taigh Cèilidh, a tha air Sràid na h-Eaglaise cuideachd (mu choinneimh An Taigh Cèilidh).[10]
Tha An Taigh Cèilidh air a bhith air an telebhisean agus air an rèidio iomadh turas; Jules and Greg's Wild Swim nam measg.[11]
Remove ads
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads