Tormod MacLeòid (Am Bàrd Bochd)

From Wikipedia, the free encyclopedia

Remove ads

'S e bàrd Gàidhlig às an Rubha, Leòdhas a bh' ann an Tormod MacLeòid (15 Ògmhios 190414 Sultain 1968),[1] agus 's e 'Am Bàrd Bochd' am far-ainm a bh' air.

Quick facts Beatha, Breith ...

A bharrachd air a bhith na bhàrd, 's e tidsear, sgrìobhadair, fear-cruinneachaidh òrain, agus fear-glèidhidh dualchais a bh' ann.

Remove ads

Eachdraidh a Bheatha

Rugadh Tormod Macleòid air 15 Ògmhios 1904 ann am Port Bholair san Rubha ann an Leòdhas. Chanadh Tormod Chontair ris cuideachd.[1]

B' e athair Murchadh Macleòid à Pabail agus a mhàthair Seonag NicCoinnich. Bha ceathrar bhràithrean agus còignear pheathraichean aige.[1] Ann an 1932, phòs e Mòr Nicleòid à Ranais agus bha ceathrar duine cloinne aca; Dollag, Murdo John, Tormod agus Seòras.[1]

Fhuair e foghlam ann am Bun-sgoil na h-Àird, Àrd-sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste Chnoc Iòrdain.[1]

B' ann a' teagaisg a chuir e seachad a bheatha; bha e ag obair ann an grunnan sgoiltean ann an Leòdhas:[1]

  • 1930-31 Grabhair (Na Lochan)
  • 1935-35 Fidigearraidh (Na Lochan)
  • 1935-43 Loch Croistean (Uig)
  • 1943-52 An Cnoc (An Rubha)
  • 1952-68 Àrd-sgoil Lìonail (Nis)

Bha Tormod os cionn roinn na Gàidhlig, agus na Iar-cheannard, ann an Sgoil Lìonail.

Bha e na shòisealach agus na bhall den Phàrtaidh Làbarach.

Chaochail e ann an Lìonail air 14mh Sultain 1968, an dèidh a bhith a' fulang le tinneas airson ùine mhòr. Chaidh a thiodhlacadh anns an Rubha.[1]

Remove ads

Obair le Gàidhlig

Nuair a bha e a' teagasg aig Sgoil Lìonail, stèidhich Tormod iris na sgoile, 'Tàintean', far an robh susbaint ga fhoillseachadh gu cunbhalach sa Ghàidhlig.[1]

Bhiodh Tormod ri cruinneachadh agus a' gleidheadh fhacail, beul-aithris, òrain agus bàrdachd.

Thairis air na bliadhnaichean, chaidh mòran de dh'obair Thormoid fhoillseachadh san iris Gairm. B' ann fon ainm Am Bàrd Bochd a bhiodh e a' sgrìobhadh. Chaidh cuid den chruinneachadh aige fhoillseachadh le Gairm san leabhar Bàrdachd à Leòdhas ann an 1969.

Remove ads

Òrain

  • Air Sgiathan M' Inntinn (Loch Croistean)[2]
  • Òran an AI[3]

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads