Siombabue

From Wikipedia, the free encyclopedia

Siombabue
Remove ads

'S e dùthaich ann Afraga a tha ann an Siombabue,[1][2][3] neo Zimbabwe;[4][5] ainm oifigeil: Poblachd Shiombabue.

Quick Facts Zimbabwe, Laoidh Nàiseanta ...

Tha e suidhichte eadar an Abhainn Zambezi agus an Abhainn Limpopo. Tha crìochan aice sa deas le Afraga a Deas, san iar-dheas le Botsuana, san iar-thuath le Saimbia agus le Mòsaimbic san ear.

Thàinig an t-ainm bhon fhacal "Dzimbadzemabwe" (Cànan Shona). Tha e a’ ciallachadh: Taigh mòr à clachan.[6]

'S e Beurla an cànan oifigeil a tha ann an Siombabue ach tha an cuid as motha de na daoine a’ bruidhinn Shona, aon de na cànanan bho tùs a tha anns an dùthaich seo. 'S e Mount Nyangani (seann ainm: Mount Inyangani), (2,592 m; 8,504 ft);[7] a’ bheinn as àirde a tha ann an Siombabue. Tha e na laighe anns an Pairce Nàiseanta Nyanga san ear na dùthcha. Tha na Victoria Falls cliùiteach ri measg an luchd turais.

Remove ads

Iomraidhean

Ceangal a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads