'S e Runrig am prìomh chòmhlan-ciùil ròc riamh a thàinig a-mach à Gàidhealtachd na h-Alba. Thòisich iad ann an 1973 mar 'The Run Rig Dance Band' anns an Eilean Sgitheanach. ’S iad Ruaraidh Dòmhnallach agus Calum Dòmhnallach (drumaichean), dithis bhràithrean à Uibhist a Tuath agus Blair Dùghlais (bocsa) à Port Righ a bh’ anns a' chòmhlan bho thùs. Às a dhèidh seo, ghabh Donaidh Rothach ann cuideachd mar sheinneadair is chluicheadair giotàir. ’S iad Calum agus Ruaraidh Dòmhnallach sgrìobhadairean nan òran. B’ àbhaist do Dhonaidh Rothach a bhith na phrìomh-sheinneadair, ach dh’fhàg e airson cùrsa-beatha poileataigeach mì-shealbhach leis a’ Phàrtaidh Làbarach. Bha Peadar Wishart nas sealbhaiche anns an obair a bha aige leis a’ Phàrtaidh Nàiseanta.