Akureyri
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile agus port ann an ceann a tuath Innis Tìle a th’ ann an Akureyri (IPA: aːkʰʏrˌeiːrɪ). Tha e suidhichte faisg air Húsavík, dìreach aig ìre na mara,[1] san roinn Norðurland eystra (Roinn an Ear-Thuath), ri taobh Loch mara Eyjafjörður, 388km air falbh bho Reykjavík agus 429km bho Selfoss.[2] Tha 18,925 duine a’ fuireach sa bhaile.[3] 'S e an ceithreamh baile as motha na dùthcha an dèidh Reykjavík, Kópavogur agus Hafnarfjörður 's a th' ann an Akureyri. Tha eaconomaidh a' bhaile stèidhichte air iasgach agus turasachd. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Norðausturkjördæmi.[4]
Akureyri
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||
Sgìre | Norðurland eystra | ||||
Co-chomharran | 65° 40' 53 Tuath 18° 5' 14 Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 138 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 18,925 (2019) | ||||
Dlùths | 137.14/km² | ||||
Àireamh fòn | + 354 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |