'S e provincia na Spàinne a tha ann an Albacete (IPA: alβaˈθete). Tha e na laighe ann an Castilla-La Mancha, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Albacete a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla la Mancha i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Albacete fad 14,918km²[3] agus tha 402,318 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 9mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 35mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Alacant, Almería, Ciudad Real, Cuenca, Granada, Jaén, Murcia agus València.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.