'S e provincia na Spàinne a tha ann am Barcelona (IPA: bəɾsəˈɫonə). Tha e na laighe ann an Catalòinia, air an àirde an ear-thuath na dùthcha. 'S e Barcelona a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha an Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B'e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chatalòinia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Girona fad 7,728km²[3] agus tha 5,529,099 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 40mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an dàrna tè a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochain aice le Girona, Lleida agus Tarragona.[5] 'S e Catalanais agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.