![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/0/01/France_d%25C3%25A9partementale.svg/langgd-640px-France_d%25C3%25A9partementale.svg.png&w=640&q=50)
Département
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e fear de trì ìre de riaghaltas sgìreil aig a' Fhraing a tha ann an département.
![Thumb image](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/0/01/France_d%C3%A9partementale.svg/640px-France_d%C3%A9partementale.svg.png)
Chaidh 83 départements a chruthachadh leis an Seanadh ann an 1790. Tha na comhairlean coitcheann gan stiùireadh is chuir an riaghaltas nàiseanta na comhairlichean ann an dreuchd. Chaidh taghaidhean a stèidheachadh ann an 1848.[1]
Tha 100 dhiubh ann uile gu lèir; 95 dhiubh anns na 22 roinnean am broinn crìochan na Frainge Eòrpaich (ris an canar la France métropolitaine) agus an còrr anns an àiteachan taobh a-muigh an Roinn Eòrpa (ris an canar outre-mer, thar a' chuain).