'S e baile meadhannach eadar Alexandria agus Călărași, ann an ceann a deas Romàinia a th' ann an Giurgiu (IPA: ˈˈdʒjurdʒju, Bulgàiris: Гюргево, Gearmailtis; Zurz, Turcais: Yergöğü). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Danube, aig 25m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Giurgiu. Tha 61,353 duine a' fuireach ann.[1] Tha am baile Rousse suidhichte dìreach air an taobh thall na h-aibhne ann am Bulgàiria.

Giurgiu
Гюргево
Zurz
Yergöğü
Thumb
Gearradh-arm
no Seula
Thumb
Thumb
Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Giurgiu
Co-chomharran 43° 54 03' Tuath
25° 58 26' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 52.56 km²
Àireamh-shluaigh 61,353 (2011)
Dlùths 1,167.29/km²
Àireamh fòn +40 02 46
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

Eachdraidh

'S ann à ainm an Naoimh Sèoras 's a tha ainm a' bhaile.[2] Bha baile, air an robh Theodorapolis, san sgìre fo na Ròmanaich.[3] Chaidh Giurgiu a chlàradh airson a' chiad turais anns an Codex Latinus Parisinus, ann an 1395. Bhuinneadh e do Țara Românească bho thùs gu ruige 1859, ged a bha e fo smachd Impireachd nan Otomanach, bho 1400 gu ruige 1595 agus an uair sin bho 1597 gu ruige 1829. 'S e buaidh uabhasach fhèin làidir 's thug na Turcaich air. Bha coimhearsnachd Iùdhach a' bhaile uabhasach fhèin làidir ron Dàrna Chogadh, an dà chuid Sefardi agus Ashkenazi. Bha co-dhiù 207 Iùdhaich ann an Giurgiu ann an 1930. Chruthaich Ion Antonescu campaichean-losgaidh thall ann an Transnistria, agus b' ann ann an sin a rinneadh murt orra. Chan eil Iùdhach neo Iùdhach air fhàgail ann an Giurgiu an latha an-diugh.[4] B' ann air 1 an t-Sultain 1944 a thuit am baile gu feachdan an Aonaidh Sobhiataich.

Daoine ainmeil

Bailtean co-cheangailte

Iomraidhean

Wikiwand in your browser!

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.

Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.