Henning Mankell
From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e sgrìobhadair ainmeil às an t-Suain a bh’ ann an Henning Mankell (IPA: hɛnˈnɪŋ ˈmaŋːkɛl, Stockholm 3 an Gearran 1948 - Göteborg 5 an Dàmhair 2015).[1] Ogha Ivar Henning Mankell, sgrìobhaiche-ciùil,[2] rugadh e sa phrìomh-bhaile na dùthcha ach dhealaich a phàrantan nuair a bha e na phàisd is thogadh e le athair, a bha na bhreitheamh, air feadh na Suaine: chuir e seachad bliadhnaichean ann an Sveg, Borås agus Paris.[3] Bha e na maraiche fad bliadhnaichean cuideachd.
Henning Mankell | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Henning Georg Mankell |
Breith | Stockholm, 3 dhen Ghearran 1948 |
Dùthaich | An t-Suain |
Ciad chànan | Suainis |
Bàs | Göteborg, 5 dhen Dàmhair 2015 |
Àite-adhlacaidh | Örgryte old cemetery (en) |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (aillse an sgamhain) |
Teaghlach | |
Athair | Ivar Mankell |
Cèile | Eva Bergman (en) (1998 - 5 dhen Dàmhair 2015) |
Clann | |
Foghlam | |
Cànain | Suainis |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair, sgrìobhaiche-dràma, sgrìobhadair litreachas cloinne, sgrìobhadair leabhraichean eucoir, sgrìn-sgrìobhaiche, stiùiriche fhilmichean agus neach-iomairt nan còraichean daonna |
Com-pàirtiche
| |
Obraichean comharraichte |
Faceless Killers (en) The Dogs of Riga (en) The White Lioness (en) The Man Who Smiled (en) Sidetracked (en) The Fifth Woman (en) One Step Behind (en) Firewall (en) The Pyramid (en) Before the Frost (en) An Event in Autumn (en) The Troubled Man (en) Chronicler of the Winds (en) Secrets in the Fire (en) The Return of the Dancing Master (en) The Man from Beijing (en) Kennedy's Brain (en) Italian Shoes (en) |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
|
Gnè ealain |
nobhail eucorach social novel (en) young adult literature (en) Dràma |
IMDb | nm0542520 |
henningmankell.es agus henningmankell.se |
Ghabh Mankell le beachdan poileataigeach na làimhe chlì fad a bheatha.[4] Bha e an lùib ar-a-ach nan oileanach ann an Paris ann an 1968. Thug e dubh-chàineadh do dh’ impireileas na Suaine ann an Aimearaga a Deas san 17mh Linn san dealbh-cluiche Nöjesparken. Bha e an sàs ann an iomairtean an aghaigh ana-ceartas agus grain-cinnidh fad a bheatha.[5]
Bha e na riochaire taigh-cluiche Teatro Avenida ann am Maputo (Mòsaimbic).[6] A dh’aindeoin uile uile, tha e ainmeil air feadh an t-saoghail airson nan leabhrichean eucoir a sgrìobh e mun charatar Wallander.[7] Cha do thoisich e na leabhraichean sin a sgrìobhadh ach ann an 1991.[8] Chaidh an sreath a reic air feadh na cruinne agus rinn am BBC sreath cuideachd.[9] Chaochail e le aillse ann an Göteborg ann an 2015. Bha e pòsta aig Eva Bergman,[10] nighean Ingmar Bergman.