Hermann Jónasson
From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e neach-lagha, neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Hermann Jónasson.[1] Rugadh e air 25 an Dùbhlachd 1896 faisg air Sauðárkrókur (Norðurland vestra). Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn á Akureyri agus Oilthigh Innis Tìle. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1934. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) dà thuras: eadar 1934 agus 1942 agus an uair sin eadar 1956 agus 1958 às leth Framsóknarflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Adhartach), ann an sreath cho-bhannan le Alþýðubandalagið agus Alþýðuflokkurinn. A' chiad thuras bha esan os cionn an riaghaltais fhad 's a bha an An Dàrna Cogadh ann agus bha e gu math doirbh gu Innis Tìle a chuid neodrachd a chumail. Thug An Rìoghachd Aonaichte ionnnsaigh air Innis Tìle agus sgar iad gu tur agus gu h-obann on Danmhairg.[2] An dàrna thuras, fhuair an riaghaltas aige doch thrioblaid o Na Stàitean Aonaichte. Chaochail e ann an Reykjavík air 22 am Faoilleach 1976. Bha a mhac, Steingrímur Hermannsson, na Forsætisráðherra cuideachd agus bha ogha, Guðmundur Steingrímsson, san Alþingi eadar 2013 agus 2016.