Poblachd
From Wikipedia, the free encyclopedia
An-diugh, 's e stàit gun monarc a tha ann am poblachd.
Sgrìobh Plato Am Poblachd (Greugais: Πολιτεία) mu còir, lagh agus riaghaltas.[1] Chleachd Cicero res publica ("cùisean poblach") airson na Greugais Πολιτεία. Bha an Ròimh na poblachd mus do thug Seanadh na Ròimhe cumhachdan sònraichte do dh'Augustus.
Chanadh ris cathair-stàitean mar Firenze agus Pisa poblachdan anns an Ath-bheòthachadh. An dèidh don Ar-a-mach na Frainge chaidh an Fhraing na poblachd.
Ann an Eòrpa an-diugh, tha mar eisimpleir Poblachd na h-Èireann, Innis Tile, An Fhraing, A' Ghearmailt agus An Eadailt nam poblachdan agus An Rìoghachd Aonaichte, An Spàinnt, A' Bheilg, Lucsamburg, Nirribhidh agus Na Tìrean Ìsle nam monarcachdan.