'S e fear de na mòr-roinnean na Spàinne a tha ann Prionnnsachd Asturias (Spàinntis: Principado de Asturias, Asturianais: Principáu d'Asturies, Fala: Principao d'Asturias). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Oviedo a th' ann prìomh-bhaile na roinne agus tha port-adhair ann siud cuideachd, mi-shlighe eadar Oviedo, Avilés agus Gijón.[1] 'S e Asturias an 10mh cheàrn as motha a tha anns a' Spàinn. Tha e cho farsaing ri 10,604 cilemeatair ceàrnagach, 2.1% na dùthcha. Anns a' bhliadhna 2010 bha 1,084,109 duine de shluagh ann,[2] le dlùths aig àireamh 102.24 duine gach km². Tha Spàinntis agus Fala (no Asturianais) gam bruidhinn ann an Asturias. Tha Asturias aon-roinneil. Tha i na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh fo smachd an Junta General de Asturias. Tha pàrlamaid le ceann-suidhe agus Buidheann Riaghlaidh aige.[3] Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha an Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[4]