From Wikipedia, the free encyclopedia
Is e sgrìobhadair cliùiteach às a' Ghearmailt a bha ann an Theodor Fontane. Is e fìorachas bàrdail a tha ann an dòigh sgrìobhadh aige.
Theodor Fontane | |||
---|---|---|---|
1 dhen Ghiblean 1844 - 31 dhen Mhàrt 1845 | |||
Beatha | |||
Breith | Neuruppin, 30 dhen Dùbhlachd 1819 | ||
Dùthaich | Rìoghachd na Pruise | ||
Àite-fuirich |
Große Hamburger Straße (en) Mariannenplatz (en) | ||
Bàs | Berlin, 20 dhen t-Sultain 1898 | ||
Àite-adhlacaidh | Friedhof II der Französisch-Reformierten Gemeinde (en) | ||
Teaghlach | |||
Athair | Louis Henri Fontane | ||
Màthair | Emilie Fontane | ||
Cèile | Emilie Fontane (en) (16 dhen Dàmhair 1850 - | ||
Clann |
liosta
| ||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||
Foghlam | |||
Foghlam |
Altes Gymnasium Neuruppin (en) (1832 - 1833) Q15787840 (1833 - 1834) | ||
Cànain | Gearmailtis | ||
Luchd-teagaisg | Friedrich Christian Thormeyer (en) | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | cungaidhear, sgrìobhadair, bàrd, eachdraiche, eadar-theangair, nobhailiche, neach-naidheachd, critic (en) , theatre critic (en) , neach-naidheachd cogaidh agus librettist (en) | ||
Fastaichean | Kreuzzeitung (en) (1851 - 1870) | ||
Obraichean comharraichte |
Effi Briest (en) Frau Jenny Treibel (en) Cécile (en) Aus England (en) Jenseit des Tweed (en) Ramblings through Brandenburg (en) Kriegsgefangen (en) Before the Storm (en) Grete Minde (en) Ellernklipp (en) L'Adultera (en) Schach von Wuthenow (en) Graf Petöfy (en) Christian Friedrich Scherenberg und das literarische Berlin von 1840 bis 1860 (en) Unterm Birnbaum (en) Trials and Tribulations (en) Stine (en) Quitt (en) Irretrievable (en) Meine Kinderjahre (en) Die Poggenpuhls (en) Von Zwanzig bis Dreißig (en) Der Stechlin (en) Mathilde Möhring (en) Q19214624 | ||
Duaisean a fhuaras | |||
Ballrachd | Tunnel über der Spree (en) | ||
Gluasad | fìorachas | ||
Seirbheis san arm | |||
Strì | Cogadh na Frainge 's na Pruise | ||
IMDb | nm0284972 | ||
Rugadh Heinrich Theodor Fontane 30mh den Dùbhlachd 1819 ann an Neuruppin. Tha Neu-Ruppin anns an Iar thuath stàit Bhrandenburg anns a' Ghearmailt. Is e baile snog a th’ ann, faisg air loch mìorbhaileach, an Neu-Ruppiner See.
Bha bùth-chuingeadhan aig athair. Thogadh e anns a’ bhaile seo cuideachd, agus an dèidh dha an sgoil fhàgail, dh'ionnsaich e an aon chuspair. Eadhon mar fhoghlainteach thòisich e air rannan a sgrìobhadh agus dheasaich e nobhail bheag, Geschwisterliebe (1839). Anns a’ bhliadhna seo fhuair e cosnadh ùr ann am bùth-chungaidhean anns a’ bhaile Burg faisg air Magdeburg. Ann an 1844 agus 1845 b’ fheudar dha seirbheis armailteach a dhèanamh agus an uair sin fhuair e cuireadh do Shasainn. B’ e seo a’ chiad turas gun deach e do Shasainn ann an 1845.
Ann an 1848, shabaid e anns na sràidean airson pàrlamaid Ghearmailtich agus sgrìobh e ceithir artaigealan gus taic a thoirt do na radaigich an lùib ar a-mach sa Ghearmailt. An dèidh sin chuir Fontane roimhe an obair aige a chrìochnachadh agus tighinn beò mar sgrìobhadair. Sgrìobh e aithrisean poileataigeach agus reic e iad don phàipear-naidheachd Dresdner Zeitung.
Ann an 1850 phòs e Emilie Rouanet-Kummer agus dh’imrich iad a Bherlin. An toiseach bha iad gu math bochd air sgath’ s gun robh Theodor Fontane gun obair, ach fhuair e obair ùr ann an 1851. Bha sianar chloinne aig Theodor Fontane agus a bhean, ach chaochail ceathrar dhiubh nuair a bha iad glè òg. Mhair an nighean aca, Martha agus am mac, Frederic beò.
Eadar 1852 agus 1860 chaidh e a-rithist do Shasainn agus do dh'Alba cuideachd, an uair sin, eadar 1874 agus 1876, chaidh e don Fhraing, don Dhanmhairg agus don Eadailt, don Ostair agus don Eilbheis. Chruthaich e nobhailean, baileadan agus sean-fhaclan, agus sgrìobh e cuideachd mu na tursan aige: aithrisean, rosg eile agus bàrdachd, a bharrachd air 250 rann. Dh'eadar-theangaich Fontane Hamlet bho Bheurla gu Gearmailtis ann an 1842 agus dheasaich e aiste mu thuras do dh’ Alba, Jenseit des Tweed, (1860) agus mu sgrìoban ann an Sasainn agus ann an Alba, Wanderungen durch England und Schottland, (1844-1859). Is e rann ainmeil a tha am bailead Die Brück’ am Tay (sa Bheurla: The Bridge of Tay) (1880), far a bheil triùir taibhsean a' tarraing trèana à Dùn Èideann sìos far drochaid-rèile na Tatha.
Is e sgrìobhadair cliùiteach Gearmailteach a tha ann an Theodor Fontane, eadhon an-diugh. Chan eil clann anns a' Ghearmailt nach b' fheudar dhaibh an rann Herr von Ribbeck auf Ribbeck im Havelland ionnsachadh ann an sgoil, ach chìthear craobh nan peuran anns an rann gu ceart ann an Ribbeck, baile beag ann am Brandenburg.
Chaochail Heinrich Theodor Fontane 20mh den t-Sultain 1898 ann am Berlin.
Sgrìobh e iomadach leabhar agus nobhail agus seo cuid den fheadhainn às cudthromaiche:
Sgrìobh Fontane a bharrachd air 250 rann, mar eisimpleir:
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.