Armenia (baile)
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e prìomh-bhaile na roinne Quindío, ann an Coloimbia,[1] a th’ ann an Armenia.[2] Tha e suidhichte aig 1,551m os cionn ìre na mara, 259km air falbh bho Bhogotá,[3] agus tha teodhachd mheadhanach dhe eadar 18° agus 22° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1889 anns an sgìre ris an canar Meadhan a’ Chofaidh (Spàinntis: El Eje Cafetero). Tha eaconomaidh a’ bhaile gu math crochte air gnìomhachas a’ chofaidh. Bha àireamh-shluaigh dhe 280,930 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.[4] 'S e Armenia an 21mh baile as motha na dùthcha.[5] Chaidh am baile a steidheachadh air 14 an Dàmhair 1889.[6]
Armenia
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Quindío | ||||
Sgìre | Eje Cafetero | ||||
Àirde | 1551m | ||||
Teòthachd chuibheasach | 18˚-20˚ | ||||
Co-chomharran | 4° 32' Tuath 75° 40' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 140 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 280,930 (2005) | ||||
Dlùths | 2,006.64/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas Armenia |