Bearaig a Tuath
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile ann an Lodainn an Ear a tha ann am Bearaig a Tuath (Beurla: North Berwick).[2] Tha e suidhichte eadar Meall Bhearaig agus eileanan bholcànach mar Fhiodra agus an Creag nam Bathais.
Bearaig a Tuath | |
Bàgh an Ear, agus Meall Bhearaig | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Co-chomharran | 55° 58′ 48″ Tuath 2° 46′ 48″ Iar |
Comharradh-clèithe | NT552852 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 7,840[1] (2020) |
Àireamh fòn | +44 (0)1620 |
Duilleag oifigeil | http://www.north-berwick.co.uk/index.asp |
Nuair a chaidh eilthirich do Cill Rìmhinn, chaidh iad mar as trice do Bearaig a Tuath gus an aiseag do Earlsferry ann am Fìobha a ghabhail. Thachair deuchainn buidseachd ann an 1591 nuair a rinneadh casaid air boireannach stoirm a chruthachadh gus bàta an Rìgh Seumas VI a chur fodha.[3] Chaidh e na bhaile-turasachd san 19mh linn an dèidh don loidhne rèile gu Dùn Èideann a thogail.
Tha mòran raon goilf ann, agus tha cala bòidheach an seo cuideachd. Tha stèisean rèile aig am baile agus tha e a' ceangal Bearaig a Tuath ri Dùn Èideann agus ri bailtean eile ann an Lodainn an Ear mar Bhaile nam Feusgan.