From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile ann an Alba meadhanach a tha ann am Both Cheit (Beurla: Bathgate). 'S ann an Lodainn an Iar a tha e. Tha an M8 a' dol seachad a' bhaile. Tha na bailtean Armadal, Blackburn, an t-Allt Bàn, Gleann Iucha agus Baile Dhunlèibhe faisg air a' bhaile.
Both Cheit | |
Bathgate bhon adhar | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Co-chomharran | 55° 54′ 8.49″ Tuath 3° 38′ 35.15″ Iar |
Comharradh-clèithe | NS 973 689 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 15,068 (2001[1]) |
An-dràsta, tha ceithir bun-sgoiltean anns a' bhaile fhèin: Windyknowe, Simpsons, St. Mary's agus Balbardie. Tha dà bhun-sgoiltean eile ann an Boghall ('s e iomall-bhaile Bhathgate a th' ann am Boghall): St. Columbus agus Boghall Primary. Chan eil ach aon àrd-sgoil anns a' Bhaile: Bathgate Academy, ach tha àrd-sgoil chaitligeach, St. Kentigern's Academy, ann am Blackburn. Mar as àbhaist, bidh sgoilearan a chaidh a St. Mary's a' faighinn bus a St. Kentigern's.
Chaidh an Old Academy a thogail ann an 1831. Fhuair am baile an t-airgead bho John Newlands. Nuair a chaochail Newlands ann an Diameuga, dh'fhàg e mòran airgid don bhaile anns an tiomnadh aige airson sgoil saor a thogail. Aig an àm sin, cha robh sgoil saor anns a' bhaile. Gach bliadhna, bidh fèis mhòr anns a' bhaile far am bi muinntir Bhathgate a' cùimhneachdainn cò às a thàinig the Old Academy. 'S e Bathgate Procession agus John Newlands Festival an t-ainm a th' air an fhèis mhòir.
Tachraidh Bathgate Procession agus John Newland Festival a' chiad Disathairne san Òg-mhios.
Thòisich an tachartas seo mar phairèid latha an stèidheadair air 17mh den Ghiblean 1844. Air an latha siud, choisich sgoilearan na t-seann acadamaidh bhon acadamaidh fhèin chun Eaglais Àrd air an latha sin gach bliadhna. Bha an latha siud na latha-saor air sgàth 's gun do shaoil na urrasairean Newland gur e co-latha breith Newland a th' anns an latha siud. [2]
A rèir John Garth Wilkinson 's ann bhon Bhreatnais a tha an t-ainm "Bathgate"; tha e a' ciallachadh 'Baedd coed' sa Chuimris (coille nan torc).[3] Fad 's a tha an t-ainm a' nochdadh air mapa Roy Pedersen mar 'Both Cheit' sa Ghàidhlig[4] tha Ainmean-Àite na h-Alba[5] agus "Map-balla Alba"[6] a' gabhail ris an ainm Beurla.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.