![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/b/b4/Arran_and_the_ferry_from_Claonaig.jpg/640px-Arran_and_the_ferry_from_Claonaig.jpg&w=640&q=50)
Claonaig
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile beag ann an Cinn Tìre th' ann an Claonaig. 'S e port-mara airson aiseig a tha ann. An sin tha aiseagan a' dol eadar Claonaig agus Loch Raonasa ann an Arainn le Caledonian Mac a' Bhriuthainn.[1] Tha an eaglais airson parraist Shàghadail agus Sgibnis an seo. Chaidh a thogail aig deireadh an 18mh linn neo aig toiseach an 19mh linn agus 's dòcha a-rèir choltais tha pàirt dhen eaglais a chaidh a thogail ann an 1756 ann fhathast.[2]
Claonaig | |
![]() Aiseag agus Arainn bho Claonaig | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Co-chomharran | 55° 45′ 21″ T 5° 23′ 46″ I |
Feartan fiosaigeach |
Ann an 2012 mhol ath-sgrùdadh nan aiseagan gum bu chòir an t-seirbheis aiseig eadar Claonaig agus Loch Raonasa a chur às ach tha e a' ruith fhathast.[3]