Contae Chill Dara
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Chill Dara[1] (tuiseal ainmneach: Cill Dara,[2] Laideann: Comitatus Kildarensis). Tha e suidhichte ann an àirde an ear na dùthcha, ann an Còigeamh Laighean. Tha 210,312 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 1,694km²,[3] an 23 siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 8mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Chill Dara le Átha Cliath, Ceatharlach, Cill Mhantáin, Laois, An Mhí agus Contae Uíbh Fhailí.[4] Bha 114,488 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Cnoc Bhaile Chupid (379m) a th' ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6] Chaidh Contae Chill Dara a chruthachadh ann an 1297.[7]
Contae Chill Dara | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Còigeamh | ![]() |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 1,694 km² |
Àireamh-shluaigh | 210,312 () |
Dlùths | 124.15/km² |
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |