Contae an Chabháin
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae an Chabháin[1] (tuiseal ainmneach: An Cabhán).[2] Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha, ann an Còigeamh Uladh. Tha 73,183 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 1,891km²,[3] an 18mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 25mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae an Chabháin le Fear Manach, Iarmhí, Liatroim, Longfort, Lú, An Mhí agus Muineachán.[4] Bha 243,158 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Sliabh Beatha (370m) a th' anns a' bheinn as àirde na siorramachd.[6] Chaidh Contae an Chabháin a chruthachadh ann an 1579.[7]
Contae an Chabháin | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Èirinn |
Còigeamh | Còigeamh Uladh |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 1,891 km² |
Àireamh-shluaigh | 73,183 () |
Dlùths | 38.7/km² |
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |