Cumadh
From Wikipedia, the free encyclopedia
Ann an geoimeatras, 's e loidhne-muigh nithean dà-sheallach (2sh) a th' ann an cumadh. Tha dealachadh air a dhèanamh eadar cumadh agus cruth. 'S e riochd nì a tha trì-sheallach (3sh) a th' ann an cruth. 'S e cumaidhean a th' ann an cearcall, ceàrnag agus triantan, ach cruthan a th' ann an ciùb, pioramaid, priosam no siolandair. Faodar cumaidhean a tharraing bho chruth an iomadh dòigh, mar eisimpleir sealladh-plana no roinn-tharsainn no loidhne-muigh aodainn sam bith aig a' chruth a tha còmhnard.
![Thumb image](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/gd/thumb/2/24/Trian-cos-cord.jpg/200px-Trian-cos-cord.jpg)
![Thumb image](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/gd/thumb/d/d8/Faileas-cumaidh.jpg/320px-Faileas-cumaidh.jpg)
![Thumb image](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/gd/thumb/5/5d/Leacadh-c-c.jpg/320px-Leacadh-c-c.jpg)
![Thumb image](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/gd/thumb/2/26/Cumadh-ceangailte.jpg/320px-Cumadh-ceangailte.jpg)
Tha an t-aon chumadh aig dà nì ma tha imeachd, cuartachadh no sgèileadh (meudachadh no lughdachadh) ann a lìbhrigeas an dara fear gu mionaideach air an fhear eile. Faodaidh am factar-sgèile a bhith àicheil, oir 's e cuartachadh 180° a th' anns am factar-sgèile de -1. Canaidh sinn gu bheil dà chumadh:
- cosmhail ma tha an t-aon chumadh aca,
- co-chòrdach ma tha an t-aon chumadh agus an t-aon mheud aca.
Ach tha iad neo-ionnan ma tha an dara fear na fhaileas an fhir eile.