Cádiz
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile mòr agus port uabhasach cudromach ann an ceann a deas na Spàinne a th’ ann Cádiz (IPA: kaðiθ neo kaðis). Chaidh am baile a stèidheachadh leis na Phoenicianaich o chionn 3,000 bliadhna is ‘s e Cádiz am baile as sine air an àirde an iar-dheas na Roinn-Eòrpa.[1] Tha e suidhichte aig dìreach 11m os cionn ìre na mara, ri taobh a’ Bhàigh Cádiz.[2] Tha Cádiz 480km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na dùthcha agus 98km bho Shevilla.[3] Tha am baile air an àirde an ear-dheas Andalusia. Tha 125,826 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[4] an 10mh baile as motha na h-Andalusia agus an 51mh baile na Spàinne.[5]
Cádiz
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Cádiz | ||||
Sgìre | Andalusia | ||||
Co-chomharran | 36° 32' Tuath 06° 17' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 13.33 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 125,826 (2010) | ||||
Dlùths | 9,439.31/km² | ||||
Àireamh fòn | + 00 956 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.cadiz.es |