Dessau-Roßlau
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile mòr faisg air Bernburg agus Köthen air an àirde an ear na Gearmailte a th’ ann an Dessau-Roßlau. Chaidh a chruthachadh ann an 2007 nuair a chuireadh Dessau agus Roßlau ri chèile. Tha e suidhichte aig 59m os cionn ìre na mara, aig comar nan aibhnichean Mulde agus Elbe, anns an stàit Sagsainn-Anhalt. Tha am baile 135km air falbh bho Dhresden, 181km bho Hànobhar, 56km bho Leipzig agus 111km bho Bherlin.[1] Tha 84,606 duine a' fuireach ann.[2] 'S ann à Tis (Iubhar) ann an Slàbhais agus Aue (Innis) anns Gearmailtis a tha an t-ainm.
Dessau-Roßlau
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Sgìre | Sagsainn-Anhalt | ||||
Co-chomharran | 51° 51' 38' Tuath 12° 14' 49' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 244.74 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 84,606 (2013) | ||||
Dlùths | 345.7/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 (0)340 agus (0)34901 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |