![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/9/9a/Neues_Rathaus_Hannover_M%25C3%25A4rz_2010.jpg/640px-Neues_Rathaus_Hannover_M%25C3%25A4rz_2010.jpg&w=640&q=50)
Hànobhar
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile mòr air an àirde an iar na Gearmailte a th’ ann am Hànobhar (Gearmailtis: Hannover, IPA: 'ha'no:fɐ, Laideann: Hannovra). Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1150 is fhuair e a chuid chòirichean ann an 1202 agus tha an t-ainm a’ ciallachadh àrd bruaich. Tha e suidhichte aig 55m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Leine, anns an stàit Sagsainn Iosail agus ‘ e prìomh-bhaile na stàite a th’ann cuideachd. Tha am baile 249km air falbh bho Bherlin, 240km bho Düsseldorf agus 132km bho Hamburg.[1] Chaidh Oilthigh Leibnitz Hànobhar a stèidheachadh dìreach ann an 1831.[2] Tha 519,619 dhe dhaoine a' fuireach anns a’ bhaile, leis gur e an 11mh baile as motha na dùthcha.[3]
Hànobhar
| |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Hànobhar | ||||
Sgìre | Sagsainn Iosail | ||||
Co-chomharran | 52° 22 28' Tuath 09° 44′ 19 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 204.14 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 519,619 (2007) | ||||
Dlùths | 2,545.41/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 0511 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.hannover.de |