From Wikipedia, the free encyclopedia
B’ e dùthaich bheag ann an cridhe na Gearmailt a mhair bho 1680 gu ruige 1826 a bh’ anns an Diùcachd Sagsainn-Hildburghausen (Gearmailtis: Herzogtum Sachsen-Hildburghausen).[1] B’ e Heldburg a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha ro 1684 agus an uair sin Hildburghausen gu ruige 1826. Chaidh an Diùcachd a chruthachadh ann an 1680 nuair a sgaradh oighreachdan an Diùc Ernst der Fromme[2] (Gàidhlig: Ernst Cràbhach) eadar a chuid mhic, an dèidh a bhàis.[3] B' ann làidir an aghaidh prìomh-ghineadas a bh' ann an seann diùc agus cha robh stèidh laghail ann a thaobh phrionnsabal còirichean a' phrìomh-ghineadais anns A' Ghearmailt.[4] Fhuair siathamh mac an diùc, Ernst, an sgìre mu timcheall Hildeburghausean fhèin, a bharrachd air Eisfeld, Heldburg, Schalkau agus Veilsdorf. Chaidh piseach a thoirt air oighreachdan a bhuineadh dhan diùcachd ann an 1714, nuair a dh' iomlaideadh Schalkau airson pìosa fearainn air feadh Sagsainn. Bha Sagsainn-Hildburghausen na ball Co-chaidreachas na Rèine bho 1806 gu ruige 1813,[5] nuair a dh' atharraich Napoleon Bonaparte structair phoileataigeach na Gearmailt, a' cur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe.[6] Chuir Sagsainn-Hildburghausen agus na diùcachdan eile ann an Sagsainn 2000 saighdearan uile gu lèir do Fheachdan a' Cho-chaidreachais.[7] Chaidh an Diùcachd a chruthachadh ann an 1826 tro Chòrdadh Hildburghausen, a dh'atharraich nan diùcachdan ann an Sagsainn an dèidh bàs Friedrich IV à Diùcachd Sagsainn-Altenburg gun chlann.[8]
Diùcachd Sagsainn-Hildburghausen Herzogtum Sachsen-Hildburghausen | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1680 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1826 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Heldburg (ro 1684) Hildburghausen (an dèidh 1684) | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Gearmailtis |
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.