Ìmpireachd Naomh na Ròimhe
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e cruinneachadh dhe stàitean, dùthchannan agus tìrean ann an cridhe na Roinn-Eòrpa fo stiùireadh impire fad na meadhan aoisean a bh'ann Ìmpireachd Naomh na Ròimhe neo, bhon 16mh Linn dhan 18mh Linn, Ìmpireachd Naomh Gearmailteach neo Ìmpireachd Naomh Nàisean nan Gearmailteach[1], (Laideann: Sacrum Imperium Romanum, Gearmailtis: Heiliges Römisches Reich, Eadailtis: Sacro Romano Impero, Duitsis: Heilige Roomse Rijk)[2] Ged a gabhadh iomadh sgire a-steach dhan impireachd b' ann anns a' Ghearmailt a bha a' mhòr-chuid dhen Ìmpireachd. Canadh cuideachd rithe A' chiad Reich neo Seann Ìmpireachd, gus sgaradh a dhèanamh eadar Ìmpireachd Naomh na Ròimhe agus Ìmpireachd na Gearmailte (1871 - 1918). Bhathar dhen bheachd san 10mh Linn gur e stàit leantainneach laghail Ìmpireachd Theàrlaich Mhòir agus seann Ìmpireachd na Ròimhe a bh' innte. Cha do nochd am facal Naomh san ainm ach fo Friedrich I. ann an 1157 airson coltas cràbhach dligheach a thoirt dhan stàit.[3]
Bhuineadh an Tiotal Impire na Ròimhe don teaghlach Carolus bho na chaidh Teàrlach Mòr fhèin chrùnadh leis a Phàp[4] ann an 800 gu ruige 888, nuair a chaidh a chall ann an sreath dhe cogaidhean agus còmhstri eadar teaghlaichean uasal. Chaochail an tagradh mu dheireadh ann an 924 agus, mu dheireadh thall, chaidh Otto I., sliochd Theàrlaich Mhòir, a chrùnadh na impire, ann an 962.[5] Mhair an Ìmpireachd fad 800 bliadhna. Dh' fhàsadh i agus chrìonadh i fad na linntean agus dh' atharrachadh na stàitean a bha na broinn: Diùcachdan, Prionnsalachdan, Rìoghachdan, Easbaigeachdan agus fiù's bailtean saora marsanta.[6] A dh'aindeoin sin, cha do leasachadh stàit chumhachdail aonadach a-riamh, leis cho làidir 's a bha cuid dhe na stàitean a bh'a ann, a bharrachd air na dùthchannan a bha ga cuairteachadh. Chuireadh às dhan Ìmpireachd ann an 1806[7] fo bhuaidh na Frainge agus chaidh na tìrean sin a sgaradh eadar Ìmpireachd na h-Ostaire, A' Phruis, An t-Suain agus Co-chaidreachas na Rèine.
Chuir an Impireachd ainm gu còrdadh na sìthe le Impireachd nan Otomanach ann an 1568, a thug seilbh air Wallachia agus Moldàibhia gu Selim II.[8]
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads