Eileamaid cheimigeach
From Wikipedia, the free encyclopedia
Tha eileamaid cheimigeach a' ciallachadh dà rud eadar-dhealaichte:[1]
- Seòrsa de dh'atam: gach atam len aon àireamh de protonan san niùclas.
- Stuth ceimigeach fìor-ghlan co-dhèanta de ataman len aon àireamh de phrotonan san niùclas, mar eisimpleir, teannan-stuth mar iarann no òr no sulfar, no gasaichean uasal mar helium agus neon, no gasaichean dà-atamach mar ogsaidean, naitridean, haidridean agus clòrain.
Cuirear rian air na h-eileamaidean ris a' chlàr phillteach, a dh'fhoillsich Dmitri Mendeleev bho thùs ann an 1869.