From Wikipedia, the free encyclopedia
Tha Eilean Arainn na eilean a tha suidhichte sa Linne Chluaidh, eadar Cinn Tìre is Inbhir Air ann an Alba. Chan eil e na phàirt de dh'Innse Gall. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 34′ 25″ Tuath agus 5° 15′ 12″ Iar.
Pàirt de | Eileanan Chluaidh |
---|---|
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Prìomh-bhaile | Breadhaig |
Sgìre riaghaltais ionadail | Comhairle Siorrachd Àir a Tuath |
Roinn-tìde | UTC±00:00 |
Siorrachd eachdraidheil | Siorrachd Bhòid |
Faisg air an uisge | Linne Chluaidh |
Suidheachadh cruinn-eòlais | British Isles |
Domhan-leud is -fhad | |
Coordinates of easternmost point | |
Coordinates of northernmost point | |
Coordinates of southernmost point | |
Coordinates of westernmost point | |
Puing as àirde | Gaoda Bheinn |
Described at URL | https://travelness.com/reasons-to-visit-isle-of-arran |
Tha e cho farsaing ri 43,201 heactair ceàrnagach (167 sq mi) de mheud. 'S e Gaoda Bheinn an cnoc as àirde air an eilean. Tha e 874 meatair (2,866 troigh) os cionn na mara.
'S e Breadhaig “prìomh-bhaile” an eilein.
Tha lorgan de ghnìomhachd dhaonna air Sliabh Mhacharaidh faisg air Bun na Dubh Abhann mu 3500 rC agus chaidh na tursachan a thogail mu 2000 rC. Chaidh cearcall ainmeachadh air coire Fhionn agus toll ann an clach far an do gheimhlich e a chù Bran is Fionn ag ithe anns a' chearcaill.[1]
Tha na h-oighreachdan ann an Arainn aig na Diùcan Hamilton is fhuadaich iad 300 Arainneach eadar 1829 agus 1840. Chaidh iad gu Siorrachd Mhegantick ann an Canada. Tha carragh-chuimhne nan fuadaichean ann an Loch an Eilein.[2] Anns an latha an-diugh tha an treas chuid de dh'eaconomaidh Arainn an urra ri turasachd.[3]
Is ann à Arainn a tha Seac MacConaill, Prìomh Mhinistear na h-Alba eadar 2001 agus 2007.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.