Canada

From Wikipedia, the free encyclopedia

Canada
Remove ads

'S e dùthaich ann an Ameireaga-a-Tuath a tha ann an Canada[1]. Tha e suidhichte tuath air na Stàitean Aonaichte. Le farsaingeachd 9.93M km² 's e seo an dàrna dùthaich as motha san t-saoghal.

Quick Facts Pàirt de, Cur air cois ...
Remove ads

Eachdraidh

Tha mòran ag aideachadh gu bheil dualchas na Gàidhlig ann an Canada ann an Albainn Nuaidh ann an suidheachadh cunnartach. Cho fad air ais ri 1987, chaidh a dhearbhadh gun robh fìor fheum anns a’ mhòr-roinn air leasachadh taobh na Gàidhlig.

Ann an 1890, chaidh bile thoirt a-steach le Seanadhair Tòmas Raibeart MacAonghais, a rugadh an Ceap Breatainn ach a bha ’na riochdaire airson Cholumbia Bhreatnach; ged nach do shoirbhich leis, bha e ’na bheachd Gàidhlig ainmeachadh mar an treas cànan oifigeil ann an Canada. Dh’ainmich e àireamhan a' Chunntais 1881 a bha sealltainn gum b’e 1,657,266 uil-àireamh an t-sluaigh Albannaich agus Èireannaich, an coimeas ri 1,289,929 de Fhrangaich agus gun ach 881,301 de Shasunnaich. Ged nach robh e cumail a-mach gun robh Gàidhlig aig gach Albannach is Èireannach, na eadhoin aig a’ mhòr chuid dhiubh, thagair e gun robh an àireamh a bha bruidhinn cànan an sinnsir anns an dà bhuidheann nàiseanta mòr gu leòr chum inbhe thèarainte a chosnadh."

Remove ads

Bailtean Mòra

Seo liosta na bailtean as motha ann an Canada:[2]

Cruinn-eòlas

Thumb
Mount Robson, na Beanntainn Creagach ann an Columbia Bhreatannach.

'S e an darna dùthaich as motha anns an t-Saoghal às dèidh na Ruise a th' ann an Canada, agus tha an t-iomall-fairge na Canada nas fhaide na fear aig dùthaich sam bith eile anns an t-saoghal.

Ged as e dùthaich mhòr agus farsaing a th' ann an Canada, chan eil mòran dhaoine a tha a' fuireach innte an coimeas ri dùthchannan eile. Thar farsaingeachd de 9,984,670 km², chan eil ach 32.976.026 (2007) a tha a' fuireach innte, neo 3.2 daoine airson gach km². Tha an cuid as motha de muinntir na Canada a' fuireach eadar Uindseor, Ontairio agus Baile Quebec, Quebec.

Tha na Beanntan Creagach san àirde an iar na dùthcha. Tha an Fhàsach Nk'mip suidhichte ann an Columbia Bhreatannach.

A thaobh am meud agus an doimhneachd, 's e nì as iongantaiche ann na Canada na lochan uisge a th' innte. Tha iad a' toirt bàrr air lochan uisge an t-saoghail; mar a tha Loch Superior, an dàrna loch-uisge as motha sa chruinne a-rèir fharsaingeachd uachdair (Loch Michigan-Huron, 1mh) agus a tha 350 mìle air fad, agus 160 mìle air leud. Tha astar 115 mìle ceithir timcheall an loch-uisge seo, agus tha e 1,332 troigh air doimhneachd. Tha trì no ceithir de na lochan seo dlùth do a chèile; agus a' tearbadh Chanada uachdrach bho Stàitean Aonaichte Aimearaga a tha air an taobh eile. Bho loch gu loch dhiubh seo tha aibhnichean a' ruith, a' meudachadh gu mòr mar a tha iad a' dol air an aghaidh, gus am bheil an abhainn mhòr don ainm an Abhainn Labhrainn(Abhainn naoimh Labhrainn) a' tòiseachadh. Tha an abhainn seo dlùth do 100 mìle air leud far am bheil i a' ruigsinn a' chuain. Tha 1900 mìltean bhon àite bho am bheil an abhainn seo ag èirigh, a dh'ionnsaigh an àite far am bheil i a' coinneachadh na fairge. Tha aon àite air Abhainn Labhrainn a tha air ainmeachadh "loch nam mìle eilein"; tha 117 eilean ann an aon ruith air an abhainn seo. Tha iad do gach cumadh agus meudachd, fo choille dhreachmhor. Anns na h-àiteachan sin, far am bheil loch a' tuiteam a-staigh do loch eile mar a tha iad a' tèarnadh le leathad chum a' chuain, tha sruthan brasa, agus leumannan uisge nach eil an coimeas ri fhaicinn anns an t-saoghal gu lèir.[3]

Mòr-roinnean Chanada

Faic cuideachd: Mòr-roinnean Chanada

Tha na deich mòr-roinnean aig Canada air an ainmeachadh mar a leanas còmhla ri na prìomh-bhailtean agus a' bhliadhna anns a dh'aonaich iad leis an dùthaich. Tha trì roinnean ann an Canada cuideachd, 's e sin Roinnean an Iar Thuath, Nunabhùt is Roinn an Iucon.

More information Roinn, Giorrachadh ...
Remove ads

Daoine ainmeil

Remove ads

Spòrs

Iomraidhean

Tuilleadh Leughaidh

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads