'S e provincia na Spàinne a tha ann am Gipúzkoa (Spàinntis: Guipúzcoa). Tha e na laighe ann an Dùthaich nam Basgach, ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Donostia a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Euskadi i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Gipuzkoa fad 1,909km²[3] agus tha 709,607 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an roinn as lugha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 21mh as motha a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Araba, Bizkaia agus An Fhraing.[5] 'S e Basgais agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.