![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/b/bf/Ibadan_street_scene.jpg/640px-Ibadan_street_scene.jpg&w=640&q=50)
Ibadan
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile uabhasach mòr air an àirde an iar-dheas Nìgeiria a th’ ann an Ibadan (Yoroba: Ìbàdàn neo Ìlú Ẹ̀bá-Ọ̀dàn). Tha an t-ainm a' ciallachadh Am baile eadar na coilltean is na faichean. Chaidh Ibadan a stèidheachadh ann an 1829 le daoine a bha a’ teiche an acras.[1] Tha e suidhichte faisg air Loch Eleyele, aig 239m os cionn ìre na mara,[2] ri taobh na h-Aibhne Ogunpa anns an stàit Oyo,[3] 66km air falbh bho Abeokuta, 442km bho Abuja (prìomh-bhaile na dùthcha) agus 118km bho Lagos.[4] Tha 3,034,200 duine a’ fuireach anns an àite, an darna baile as motha na dùthcha[5] agus Tha oilthigh làidir[6] anns a’ bhaile.
Ibadan | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Sgìre | Oyo |
Co-chomharran | 07° 23' 07 Tuath 03° 55' 00 Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 3,080 km² |
Àireamh-shluaigh | 3,034,200 (2011) |
Dlùths | 985.13/km² |
Àireamh fòn | + 234 2 |