![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/8/8c/La_Araucana.jpg/640px-La_Araucana.jpg&w=640&q=50)
La Araucana
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e dàn-mòr eachdraidheil Spàinntis, on Aois an Òir air a sgrìobhadh le Alonso de Ercilla y Zúñiga[1] 's th' ann an La Araucana (Gàidhlig: Cogadh Arauca). Chaidh fhoillseachadh ann an trì earrainnean ann an 1569, 1578 agus 1589 ann am Madrid.[2] Suidhichte ann an ceann a deas na Sile, 's e sgeulachd ann an comhardadh a dh'innseas mar a thug na Spàinntich ionnsaigh air na Mapuche ann an sgìre air an robh Arauca, anns an 16mh Linn. Thug Cervantes iomradh air an dàn-mòr seo ann an dà nobhail sgrìobh e, La Galatea (1585) agus Don Quijote (1605). A bharrachd air sin, bha Voltaire fhèin dhen bheachd gu robh La Araucana nas fhèarr na an Illiad le Homer ann an dòigh, ged a bha Ercilla caran stròdhail.[3]
La Araucana Cogadh Arauca | |
![]() | |
Fiosrachadh | |
Sgrìobhadair | Alonso de Ercilla y Zúñiga |
Bliadhna Foillseachaidh | 1569, 1578 agus 1589 |
Cànan | Spàinntis |
Dùthaich | ![]() |
Gnè-sgrìobhaidh | Dàn-mòr on Aois an Òir |
Cuspair | Bàrdachd eachdraidheil |
Suidhichte | An t-Sile |