seinneadair Gàidhlig From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e seinneadair Gàidhlig a th' ann am Maighread Stiùbhart (Beurla: Margaret Stewart).
Maighread Stiùbhart | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Col Uarach, 12 dhen Ògmhios 1956 |
Dùthaich | Alba |
Ciad chànan | Gàidhlig |
Foghlam | |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | seinneadair |
Inneal-ciùil | guth |
Taigh-clàraidh | Greentrax Recordings |
margaretstewart.com |
Rugadh agus thogadh Maighread ann an Col Uarach, Leòdhas.[1] 'S e Gàidhlig a' chiad chànan aice.[2] Bha i a’ fuireach thall thairis airson pàirt dha beatha; ann a' Bhenesuèla, an Canada, ann an Qatar agus 's an Ear Mheadhanach.[3]
Bha i ‘g obair air a' phròiseact Tobar an Dualchais far an robh i mar phàirt den phrìomh sgioba a bha an urra ri catalog a dheasachadh de na h-òrain a th' ann an tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba.[3] Chleachd i tasglann na Sgoile airson iomadh òran a rannsachadh agus tha cuid dhiu sin am measg nan òran a tha i seinn air na trì chlàr aice: Fhuair mi Pòg, Colla Mo Rùn agus Togaidh Mi Mo Sheòlta (2008).[4]
Nuair a bha i òg, bha i dèidheil air seinn is bha òrain agus bàrdachd mun cuairt oirre sa choimhearsnachd agus am measg an teaghlach aice.[3] Bhiodh i tric a' gabhail pàirt anns na mòdan ionadail.[3]
Tha i air a bhith seinn aig iomadh fèis-chiùil ainmeil leithid Fèis Eadar-Nàiseanta Dhùn Èideann, Celtic Connections, Celtic ColoursTeamplaid:Fix/category[dead link] ann an Ceap Breatainn, Piping Live, Sgoil Samhraidh Willie Clancy agus Fèis Ealain Earagail an Dùn nan Gall.[3] Tha i cuideachd air a bhith ag obair mar neach-teagaisg seinn agus na h-òraidiche aig leithid Ceòlas an Uibhist a Deas, Fèis Willie Clancy an Èirinn agus aig Sabhal Mòr Ostaig[3] far am bi i cuideachd a stiùireadh cùrsaichean goirid air cultar dùthchasach, eachdraidh agus òrain Ghàidhlig. Bha i bho àm gu àm a' teagasg ann an Sgoil Ciùil a' Phluic agus ann an Conservatoire Rìoghail na h-Alba. Ann an 2012, b' i Ceòladair na Colaiste a bh' innte aig Sabhal Mòr Ostaig.[5]
Choisinn i am Bonn Òir aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1993 anns an Àrd Ruighe.[6]
Chaidh duais 'Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna' a bhuilealchadh orra ann an 2008.[3]
Tha Maighread a' seinn cuideachd air iomadh clàr eile na h-aoigh agus air co-chruinneachaidhean.
Òrain air a sheinn le Maighread airson an t-sreath TBh aig a' BhBC Innsean an Iar
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.