Nàsachd
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e beachd-smuainealas, ideòlas agus gluasad poilitigeach a nochd anns A' Ghearmailt eadar An Cogadh Mòr agus An Dàrna Cogadh, a tha uabhasach fhèin dlùth air Faisisteachas[1] a th' ann an Nàsachd air neo Sòisealas Nàiseanta (Gearmailtis Nationalsozialismus). B' ann fo stiùir Adolf Hitler anns na 30an agus na 40an a gabh am Pàrtaidh Nàsach (ainm slàn: Pàrtaidh Sòisealach Nàiseanta nan Luchd-obrach Gearmailteach, Gearmailtis: Nationalsozialistische Deutsche Arbeiterpartei) os làimh Riaghaltas na Gearmailt agus a rinn iad fìor dhroch sgrios air an Roinn Eòrpa leis an ideòlas eucoireach mì-mhoralta aca.[2]
Nàsachd | |
Fiosrachadh | |
Luchd-stèidhichidh | Anton Drexler |
Beachdan | Gràin-cinnidh, Ain-Sheimitigeachas, Armailteachas, Thar-ghearmailteas, Ain-Cho-mhaoineas |
Ceannardan | Adolf Hitler |
Linn | 20mh Linn |
Buidhnean | Pàrtaidh Sòisealach Nàiseanta nan Luchd-obrach Gearmailteach |
Dùthchannan | A' Ghearmailt |