Nürnberg
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile mòr ann an ceann a deas na Gearmailte a th’ ann am Nürnberg (IPA: nʏɐ̯nbɛɐ̯k, Beurla/Frangais: Nuremberg). Tha an t-ainm a’ ciallachadh Mòinteach Chreagach bho dà fhacal anns an t-seann Gearmailtis berg (beinn) agus nuor (creag). Tha baile eile ann air a bheil Nürburg[1] le u an àite e, ann an Rheinland-Pfalz,[2] ach ‘s e Nürnberg le e a tha mòran nas ainmeil is nas motha. Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1050 mar Noremberc. Tha e suidhichte aig 302m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Pegnitz agus an Canal Rhein-Main-Donau, anns an stàit Bayern. Tha am baile 378km air falbh bho Bherlin, 150km bho Mhünchen, 157km bho Stuttgart agus 171km bho Heidelberg.[3] Tha Nürnberg am broinn na sgìre Meadhan nam Frangach (Gearmailtis: Mittelfranken). Tha 505,664 dhe dhaoine a' fuireach anns a’ bhaile, leis gur e an dàrna baile as motha na roinne agus an 15mh baile nas motha na dùthcha.[4]
Nürnberg
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Mittelfranken | ||||
Sgìre | Bayern | ||||
Co-chomharran | 49° 27 00' Tuath 11° 05′ 00 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 186.38 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 505,664 (2010) | ||||
Dlùths | 2,713.08/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 (0)911 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.nuernberg.de |