![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/a/a3/Ros_Maircnidh_1076118.jpg/640px-Ros_Maircnidh_1076118.jpg&w=640&q=50)
Ros Maircnidh
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Ros Maircnidh[1][2] no Ros Mhaircnidh [3] (Beurla: Rosemarkie). Tha am baile suidhichte air Linne Mhoireibh. Chithear Dùn Deòrsa bhon an seo. Tha e mu mhìle air àird an ear na Cananaiche agus mu 12 mìltean air àird an ear-thuath Inbhir Nis. Tha e anns an t-siorrachd traidiseanta Siorrachd Rois.
Ros Maircnidh | |
![]() Ros Maircnidh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Ros an Ear |
Co-chomharran | 57° 35′ 29.83″ T 4° 6′ 54.58″ I |
Comharradh-clèithe | NH736577 |
Feartan fiosaigeach | |
Còd-puist | IV10 8 |
Ann an 2001 bha 608 duine a' fuireach an seo. [4]
Còmhla ris a' Chananaich tha raon-goilf aige.
![Thumb image](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/8/89/Daniel_Stone.jpg/640px-Daniel_Stone.jpg)
'S e aon de na àitichean as ainmeil airson chlachan Chruithnis às an 8mh no 9mh linn. Chaidh an lorg air agus faisg air cladh na h-eaglaise agus tha iad rim faicinn ann an taigh-tasgaidh Groam House. Canar gun robh manachainn ann an Ros Maircnidh a bha ceangailte le Naomh Moluag (bàs: 592) no le Boniface (ainm eile: Naomh Curetán). Anns an Martyrology of O'Gorman tha Boniface ainmichte mar: "bishop and abbot of Ross maic Bairend".[5]
Tha meadhan a' bhaile, eadar Bridge Street, Mill Road agus Hawkhill Road na raoin-ghlèidhteachais[6].