From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e Runrig am prìomh chòmhlan-ciùil ròc riamh a thàinig a-mach à Gàidhealtachd na h-Alba. Thòisich iad ann an 1973 mar 'The Run Rig Dance Band' anns an Eilean Sgitheanach. ’S iad Ruaraidh Dòmhnallach (giotàr is giotàr beus) agus Calum Dòmhnallach (drumaichean), dithis bhràithrean à Uibhist a Tuath agus Blair Dùghlais (bocsa) à Port Righ a bh’ anns a' chòmhlan bho thùs. Às a dhèidh seo, ghabh Donaidh Rothach ann cuideachd mar sheinneadair is chluicheadair giotàir. ’S iad Calum agus Ruaraidh Dòmhnallach sgrìobhadairean nan òran. B’ àbhaist do Dhonaidh Rothach a bhith na phrìomh-sheinneadair, ach dh’fhàg e airson cùrsa-beatha poileataigeach mì-shealbhach leis a’ Phàrtaidh Làbarach. Bha Peadar Wishart nas sealbhaiche anns an obair a bha aige leis a’ Phàrtaidh Nàiseanta.
Cur air cois | 1973 |
---|---|
Work period (start) | 1973 |
Discography | Runrig discography |
Location of formation | Alba |
Genre | ceòl Ceilteach |
Record label | Chrysalis Records |
Country of origin | Rìoghachd Aonaichte |
Làrach-lìn | http://www.runrig.co.uk/ |
Described at URL | https://www.tekstowo.pl/wykonawca,runrig.html |
Sheinn Bruce Guthro còmhla ris a' chòmhlan-ciùil eadar 1998 agus 2018.[1]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.