‘S e baile ann an ceann a deas Innis Tìle a th’ ann an Selfoss. Tha e suidhichte faisg air Skálholt, aig 16m os cionn ìre na mara,[1] san roinn Suðurland (Roinn a Deas), ri taobh ha h-Aibhne Ölfusá, 59km air falbh bho Reykjavík agus 429km bho Akureyri.[2] Tha 6,934 duine a’ fuireach sa bhaile.[3] 'S e an ochdamh baile as motha na dùthcha an dèidh Reykjavík, Kópavogur, Hafnarfjörður, Akureyri, Garðabær, Mosfellsbær agus Akranes 's a th' ann an Selfoss. Tha eaconomaidh a' bhaile stèidhichte air malairt. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Suðurkjördæmi.[4]
Selfoss
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||
Sgìre | Suðurland | ||||
Co-chomharran | 65° 40' 53 Tuath 18° 5' 14 Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 2 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 6,934 (2019) | ||||
Dlùths | 3,467/km² | ||||
Àireamh fòn | + 354 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Eachdraidh
Nochd Selfoss san 96mh caibideil dhen Landnámabók, nuair a ràining fear air an robh Þórir agus bha an teaghlach aige ann fad iomadh ginealach.[5] Thogadh drochaid tarsain na h-aibhne ann an 1895. Cha robh ach 40 duine a' fuireach ann aig toiseach an 20mh Linn. B' ann an dèidh a' Chogaidh, nuair a dh'fhàg na daoine am fearann airson nam bailtean a thoisich Selfoss ri fhàs. B' ann ann an Selfoss a chaidh fòid air ceann Bobby Fisher, a bha na chluicheadair tàileisg, an dèidh a' bhàis ann an 2008.[6] Tha taigh-tasgaidh beag a tha loma-làn rudan ceangailte ris ann an Selfoss cuideachd. Bhuail crith-thalmhainn an sgìre air fad ann an 2008, agus, nach do bhàsaich duine no duine air an talamh rnn i droch sgrios air àiteachas agus malairt. B' e 6.1 Mw a mheud a bha oirre.[7] Bha an crith-thamhainn cho cruaidh gun do mhothaich na daoine ann an Ísafjörður, air an taobh thall na dùthcha, gun do thachair i. Chuir Björk Guðmundsdóttir iomadh bliadhna na tàmh an seo nuair a bha ise gu math òg.
Freumh-fhaclachd
Tha an t-ainm a' ciallachadh Eas Seal sa chànan aca, bho Foss (Eas) ged nach eil eas anns an sgìre.
Daoine Ainmeil
- Þorsteinn Pálsson (1947): Neach-poileataigs.
- Sigurður Ingi Jóhannsson (1962): Neach-poileataigs.
- Svandís Svavarsdóttir (1964): Neach-Poileataigs.
Bailtean Co-cheangailte
- Aasiaat
- Arendal
- Kalmar
- Savonlinna
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
Wikiwand in your browser!
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.