From Wikipedia, the free encyclopedia
'S ann à deatach an uisge a tha san àile, a bheir buaidh air a' ghnàth-shìde, a thig taisead[1] (Gaeilge: Bogthaise). 'S e gum bi an deatach a' tighinn às na marannan agus cuantan, na h-aibhnichean, lochan, lusan agus rudan eile a tha beò tro dheatachadh. Tha na shùigheas an adhar de dh' uisge crochte air an teodhachd a th' ann. Sùighidh adhar blàth nas motha na adhar a tha fuar. Cleachdar fliche-inneal ris an taisead a mheudachadh. Chan eil deatach an uisge cho tiugh na an t-adhar agus le sin, chan eil an t-adhar bog (adhar agus deatach an uisge ri chèile) cho tiugh na an t-adhar tioram. A bharrachd air sin, bidh gach rud a tha blàth a' leudachadh, a bheir an dlùths air falbh. Le sin, bidh an t-adhar blàth - a tha làn dheatach an uisge - ag èirigh suas ann an àile.[2] Thig teodhachd na h-àile sìos mu 0.6 °C airson gach 100m ann an adiabataig bhog, agus mu 1.0 °C, ann an adiabataig thioram. Nuair a thig deatach an uisge gu àiteachan a tha nas fhuaire co-dhlùthaichidh e agus bidh sgòthan ann (boinnealaich uisge air neo criostalan-deighe). Tuitidh iad dhan talamh nuair a bhios iad gu math trom mar shileadh no sneachd.[3]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.